Agus, feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lèbhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coicheangal Dhè, agus shuidhich iad àirc Dhè: agus chaidh Abiatar suas, gus an do sguir an sluagh uile de dhol a‑mach as a’ bhaile.
Agus thàinig an sluagh uile a‑nìos na dhèidh, agus bha an sluagh a’ pìobaireachd le pìoban, agus a’ dèanamh gàirdeachais le mòr-ghàirdeachas, air chor is gun do reubadh an talamh lem fuaim.
Ma nì duine sam bith, ag imeachd ann an spiorad brèige, agus ceilg, fàistneachd dhut airson fìona agus airson dibhe làidir, bidh eadhon esan na fhàidh don t‑sluagh seo.
Agus rinn an sluagh iolach nuair a shèid na sagartan leis na trompaidean: agus nuair a chuala an sluagh fuaim na trompaid, agus a dh’èigh an sluagh le iolaich mhòir, an sin thuit am balla sìos gu làr; agus chaidh an sluagh suas don bhaile, gach duine dìreach roimhe, agus ghlac iad am baile.
Agus nuair a nì iad fuaim fhada le adhaircean nan reitheachan, agus nuair a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin èighidh an sluagh uile le iolaich mhòir, agus tuitidh balla a’ bhaile sìos o a bhunadh, agus thèid an sluagh suas, gach duine dìreach roimhe.
Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan.
Agus chuala na Philistich fuaim na h‑iolaich, agus thubhairt iad, Ciod as ciall do fhuaim na h‑iolaich mhòir seo ann an camp nan Eabhraidheach? Agus thuig iad gu robh àirc an Tighearna air teachd don champ.