Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug i Ichabod mar ainm air an leanabh, ag ràdh, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel: (do bhrìgh gun do ghlacadh àirc Dhè, agus airson a h‑athar-cèile agus a fir:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chaochail iad an glòir gu coslas daimh a dh’itheas feur.

A Thighearna, is ionmhainn leam còmhnaidh do thaighe-sa, agus ionad pàillean do ghlòire.

Agus thug e suas a neart gu braighdeanas, agus a ghlòir do làimh an nàmhaid;

Thuit an sagartan leis a’ chlaidheamh, agus cha do rinn am bantraichean bròn.

An do chaochail cinneach an diathan, eadhon iad sin nach robh nan diathan? Ach chaochail mo shluagh-sa an glòir airson nì gun bhuannachd.

Cionnas a tharraing an Tighearna na chorraich neul air nighinn Shioin, agus a thilg e sìos o nèamh gu talamh maise Israeil! Agus cha do chuimhnich e stòl a choise ann an là a fheirge!

Seadh, ged àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad o mheasg dhaoine; seadh, is an‑aoibhinn dhaibh, nuair a dh’imicheas mise uapa.

Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.

Agus bidh seo na chomharradh dhut, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas ann an aon là bàsaichidh iad le chèile.

Anns an là sin coileanaidh mi an aghaidh Eli na nithean sin uile a labhair mi mu thimcheall a thaighe: tòisichidh mi agus crìochnaichidh mi.

Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs.

Agus thubhairt i, Dh’fhalbh a’ ghlòir o Israel; oir ghlacadh àirc Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan