Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.
Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca ri teachd gu Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre.
Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail.
Agus bha a bhan-chliamhainn, bean Phinehais, torrach, dlùth do bhith air a h‑asaid: agus nuair a chuala i an sgeul gun do ghlacadh àirc Dhè, agus gu robh a h‑athair-cèile marbh, agus a fear, chrom i i fhèin, agus rug i mac; oir thàinig a saothair-chloinne oirre.