Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tharraing na Philistich iad fhèin suas an òrdagh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel ro na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath anns a’ mhachair mu thimcheall ceithir mìle fear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Rannsaicheamaid agus dearbhamaid ar slighean, agus tilleamaid a‑rìs a dh’ionnsaigh an Tighearna.

Agus tuitidh iad air muin a chèile, mar gum b’ann ron chlaidheamh, nuair nach bi neach an tòir orra; agus cha bhi neart agaibh gu seasamh ro ur naimhdean.

An sin thàinig na h‑Amalecich a‑nuas, agus na Canàanaich, a bha nan còmhnaidh anns an t‑sliabh sin, agus bhuail iad iad, agus chuir iad an ruaig orra, eadhon gu Hormah.

Uime sin cha b’urrainn clann Israeil seasamh ron naimhdean, ach thionndaidh iad an cùl rin naimhdean, a chionn gu robh iad mallaichte. Cha bhi mise maille ribh tuilleadh, mura sgrios sibh an nì mallaichte as ur measg.

Oir chuir Israel agus na Philistich iad fhèin an òrdagh catha, armailt an aghaidh armailt.

Agus sheas e, agus ghlaodh e ri slòigh Israeil, agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ teachd a‑mach gu ur cath a chur an òrdagh? Nach Philisteach mise, agus nach seirbhisich sibhse do Shaul? Taghaibh dhuibh fhèin fear, agus thigeadh e a‑nuas am ionnsaigh-sa.

Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben-eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.

Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich-mìle-fichead coisiche.

Agus nuair a thàinig an sluagh don champ, thubhairt seanairean Israeil, Carson a bhuail an Tighearna sinn an‑diugh an làthair nam Philisteach? Thugamaid dar n‑ionnsaigh à Siloh àirc coicheangal an Tighearna, a‑chum nuair a thig i nar measg gun saor i sinn à làimh ar naimhdean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan