Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha a bhan-chliamhainn, bean Phinehais, torrach, dlùth do bhith air a h‑asaid: agus nuair a chuala i an sgeul gun do ghlacadh àirc Dhè, agus gu robh a h‑athair-cèile marbh, agus a fear, chrom i i fhèin, agus rug i mac; oir thàinig a saothair-chloinne oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort.

Agus nuair a bha i ann an cruaidh shaothair, an sin thubhairt a’ bhean-ghlùine rithe, Na biodh eagal ort, oir bidh am mac seo agad cuideachd.

Anns an àm sin bha Abiah, mac Ierobòaim, gu tinn.

Thuit an sagartan leis a’ chlaidheamh, agus cha do rinn am bantraichean bròn.

An sin nì mise an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus nì mi a’ chathair seo na mallachadh do uile chinnich na talmhainn.

Agus nuair a dh’ainmich e àirc Dhè, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheata, agus bhriseadh a amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e na sheann duine, agus trom. Agus thug e breith air Israel dà‑fhichead bliadhna.

Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan