Agus thubhairt an duine ri Eli, Is mise esan a thàinig a‑mach as an armailt, agus theich mise an‑diugh as an armailt. Agus thubhairt esan, Ciod a thachair, a mhic?
Agus thubhairt Daibhidh ris, Ciod a thachair? Innis dhomh, guidheam ort. Agus fhreagair e, Theich an sluagh on chath, agus cuideachd tha mòran den t‑sluagh air tuiteam agus marbh; agus mar an ceudna tha Saul agus a mhac Ionatan marbh.
Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.
Agus ghairm an Tighearna a‑rìs air Samuel. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm, Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; till, laigh sìos.
Agus fhreagair an teachdaire agus thubhairt e, Theich Israel ro na Philistich, agus mar an ceudna bha àr mòr am measg an t‑sluaigh, agus mar an ceudna tha do dhithis mhac, Hophni agus Phinehas, marbh, agus ghlacadh àirc Dhè.