Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis bha Eli ochd-bliadhna-deug agus ceithir-fichead a dh’aois; agus bha a shùilean mall, air chor is nach faiceadh e gu math.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha a shùilean dall, air chor is nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac a bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha mi an seo.

Agus rinn bean Ierobòaim mar sin, agus dh’èirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu taigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah nì fhaicinn, oir dhorchaicheadh a shùilean le aois.

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Agus thàrladh anns an àm sin, nuair a bha Eli na laighe na àite: (agus thòisich a shùilean air fàilneachadh: cha b’urrainn e faicinn gu math;)

Agus nuair a chuala Eli fuaim na h‑èighich, thubhairt e, Ciod as ciall do fhuaim na conghair seo? Agus rinn an duine cabhag, agus thàinig e, agus dh’innis e do Eli.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan