Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig e, feuch, bha Eli na shuidhe air cathair làimh ris an t‑slighe, a’ coimhead: oir bha a chridhe air chrith airson àirc Dhè. Agus nuair a thàinig an duine don bhaile, agus a dh’innis e e, dh’èigh am baile uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A Thighearna, is ionmhainn leam còmhnaidh do thaighe-sa, agus ionad pàillean do ghlòire.

Seas aig an t‑slighe, agus gabh sealladh, O bhean-àiteachaidh Aroeir; feòraich dhethsan a theicheas, agus dhithse a chaidh as; abair, Ciod a rinneadh?

Oir cluinnidh na Canàanaich, agus uile luchd-àiteachaidh na tìre, agus iadhaidh iad mun cuairt oirnn, agus gearraidh iad as ar n‑ainm on talamh: agus ciod a nì thu rid ainm mòr?

Agus dh’èirich Hanah suas an dèidh dhaibh ithe ann an Siloh, agus an dèidh dhaibh òl: (a‑nis bha Eli an sagart na shuidhe air cathair làimh ri ursainn ann an teampall an Tighearna:)

Agus nuair a chuala Eli fuaim na h‑èighich, thubhairt e, Ciod as ciall do fhuaim na conghair seo? Agus rinn an duine cabhag, agus thàinig e, agus dh’innis e do Eli.

Agus nuair a dh’ainmich e àirc Dhè, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheata, agus bhriseadh a amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e na sheann duine, agus trom. Agus thug e breith air Israel dà‑fhichead bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan