Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ruith duine de Bheniàmin a‑mach as an armailt, agus thàinig e gu Siloh air an là sin fhèin, agus a aodach air a reubadh, agus duslach air a cheann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd.

Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann.

Agus air a’ cheathramh-là‑fichead den mhìos seo chruinnicheadh clann Israeil ann an trasgadh, agus ann an sac-aodach, agus ùir orra.

Agus nuair a thog iad an sùilean fad as, agus nach d’aithnich iad e, thog iad an guth agus ghuil iad; agus reub iad gach fear a fhallaing, agus chrath iad duslach air an cinn a làimh nan nèamh.

An sin nì mise an taigh seo cosmhail ri Siloh, agus nì mi a’ chathair seo na mallachadh do uile chinnich na talmhainn.

Gun tig esan a thèid as air an là sin dod ionnsaigh, a thoirt ort a chluinntinn led chluasan?

Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre.

Agus reub Iosua a aodach, agus thuit e gu làr air a aghaidh ro àirc an Tighearna, gu tràth feasgair, e fhèin agus seanairean Israeil, agus chuir iad duslach air an cinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan