Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 4:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich-mìle-fichead coisiche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus mharbhadh an sin sluagh Israeil ro sheirbhisich Dhaibhidh; agus bha an sin air an là sin àr mòr fichead mìle fear:

An sin dh’èirich an rìgh, agus shuidh e anns a’ gheata. Agus dh’innis iad don t‑sluagh uile, ag ràdh, Feuch, tha an rìgh na shuidhe anns a’ gheata: agus thàinig an sluagh uile am fianais an rìgh. Agus theich Israel, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againne ann am mac Iese: dod bhùthan, O Israeil; a‑nis amhairc air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel dam bùthan.

Agus chaidh gairm air feadh an t‑slòigh mu laighe na grèine, ag ràdh, Gach fear da bhaile, agus gach fear da thìr fhèin.

Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh am bùthan.

Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte.

Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Ged bha clann Ephraim fon airm, agus ged thilg iad le bogha, thill iad air an ais ann an là catha.

Ach rachaibh a‑nis dom àite-sa a tha ann an Siloh, far an do chuir mi m’ainm an toiseach, agus faicibh cionnas a bhuin mi ris, airson aingidheachd mo shluaigh Israel.

Agus cuiridh mise mo ghnùis nur n‑aghaidh, agus marbhar sibh an làthair ur naimhdean: agus rìghichidh a’ mhuinntir air am beag sibh oirbh, agus teichidh sibh nuair nach bi neach an tòir oirbh.

Ach tàrlaidh, mura èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a thoirt fa‑near gun dèan thu a àitheantan agus a reachdan uile, a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh, gun tig na mallachdan seo uile ort, agus gum beir iad ort.

Bheir an Tighearna fa‑near gum buailear thu air beulaibh do naimhdean: thèid thu a‑mach air aon slighe nan aghaidh, agus teichidh tu romhpa air seachd slighean; agus atharraichear thu a‑chum uile rìoghachdan na talmhainn.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Feuch, nì mi nì ann an Israel, a nì gaoir ann an dà chluais gach neach a chluinneas e.

Agus tharraing na Philistich iad fhèin suas an òrdagh blàir an aghaidh Israeil: agus chuireadh an cath, agus bhuaileadh Israel ro na Philistich: agus mharbh iad anns a’ chath anns a’ mhachair mu thimcheall ceithir mìle fear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan