Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 31:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gheàrr iad dheth a cheann, agus rùisg iad a armachd dheth, agus chuir iad fios gu tìr nam Philisteach mun cuairt, ga chur an cèill ann an taigh an diathan brèige, agus am measg an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Na innsibh e ann an Gat, na cuiribh an cèill e ann an sràidean Asceloin; air eagal gum bi nigheanan nam Philisteach aoibhneach, air eagal gun dèan nigheanan nan neo-thimcheall-gheàrrte luathghaire.

Uime sin ruith Daibhidh agus sheas e air an Philisteach, agus ghlac e a chlaidheamh, agus tharraing e as a thruaill e, agus mharbh e e, agus gheàrr e dheth a cheann leis. Agus nuair a chunnaic na Philistich gu robh an gaisgeach marbh, theich iad.

Agus ghabh Daibhidh ceann an Philistich, agus thug e leis e gu Ierusalem: ach chuir e a armachd na bhùth.

An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan