Agus thubhairt Daibhidh ris, Ciod a thachair? Innis dhomh, guidheam ort. Agus fhreagair e, Theich an sluagh on chath, agus cuideachd tha mòran den t‑sluagh air tuiteam agus marbh; agus mar an ceudna tha Saul agus a mhac Ionatan marbh.
Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc-shluagh gu dian na dhèidh.
Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis-ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet-sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa:
Agus tharraing fear a bhogha air thuairmeis, agus bhuail e rìgh Israeil eadar uilt na lùirich: uime sin thubhairt e ra charbadair, Tionndaidh do làmh, agus thoir a‑mach as an fheachd mi; oir tha mi air mo lotadh.