Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc-shluagh gu dian na dhèidh.
Agus mharbh e mic Shedeciah fa chomhair a shùl, agus chuir e a shùilean à Sedeciah, agus cheangail e e le geimhlean umha, agus thug e leis e do Bhàbilon.
Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.
Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha an làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniàmin: ach champaich na Philistich ann am Michmas.
An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.
Agus nuair a chuala na fir sin uile de Israel, a dh’fhalaich iad fhèin ann an sliabh Ephraim, gun do theich na Philistich, dhlùth-lean iadsan mar an ceudna nan dèidh anns a’ chath.
A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi-sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad-ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.
Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort; oir chan fhaigh làmh Shauil m’athair-sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise as fhaisge a bhios dhut; agus cuideachd tha fhios aig m’athair Saul air sin.
Agus bheir an Tighearna mar an ceudna Israel maille riutsa thairis do làimh nam Philisteach: agus a‑màireach bidh tusa agus do mhic maille riumsa: bheir an Tighearna mar an ceudna feachd Israeil thairis do làimh nam Philisteach.