Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 30:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sia ceud fear a thàinig na dhèidh o Ghat, thairis ron rìgh.

Agus a dhaoine a bha maille ris thug Daibhidh suas leis, gach fear le a theaghlach; agus ghabh iad còmhnaidh ann am bailtean Hebroin.

Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e thairis agus an sia ceud fear a bha maille ris, a dh’ionnsaigh Achis mhic Mhaoich, rìgh Ghat.

Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e fhèin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear nan dèidh, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad dol thar an t‑sruth Besor.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan