A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.
An sin thàinig na teachdairean gu Gibeah Shauil, agus dh’innis iad an sgeul ann an cluasan an t‑sluaigh: agus thog an sluagh uile suas an guth, agus ghuil iad.
Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine don bhaile, agus, feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan, air falbh ann am braighdeanas.
Agus nuair a thàinig e, feuch, bha Eli na shuidhe air cathair làimh ris an t‑slighe, a’ coimhead: oir bha a chridhe air chrith airson àirc Dhè. Agus nuair a thàinig an duine don bhaile, agus a dh’innis e e, dh’èigh am baile uile.