Agus thug iad leo nam braighdean na mnathan a bha ann: cha do mharbh iad neach air bith, aon chuid beag no mòr, ach thug iad leo iad, agus dh’imich iad air an slighe.
Agus fear no bean cha do leig Daibhidh as beò, a thoirt sgeula gu Gat, ag ràdh, Air eagal gun innseadh iad oirnn, ag ràdh, Mar seo rinn Daibhidh. Agus mar seo bha a sheòl rè na h‑aimsir a dh’fhan e ann an dùthaich nam Philisteach.
Agus cha robh nì air bith a dhìth orra, aon chuid beag no mòr, mic no nigheanan, no creach, no nì air bith a thug iad leo: bhuin Daibhidh gach nì air ais.
Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine don bhaile, agus, feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan, air falbh ann am braighdeanas.