Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 30:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shaor Daibhidh gach nì a thug na h‑Amalecich leo: agus shaor Daibhidh a dhà mhnaoi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air ais a’ mhaoin uile, agus mar an ceudna thug e air ais a bhràthair Lot, agus a mhaoin, agus mar an ceudna na mnathan, agus an sluagh.

An sin thug iad leo na daoine air fad, agus chaidh iad a chogadh ri Ismael mac Netaniah, agus fhuair iad e aig na h‑uisgeachan mòra a tha ann an Gibeon.

Agus thubhairt iad ri Maois, Ghabh do sheirbhisich àireamh nam fear-cogaidh a tha fo ar làimh, agus chan eil duine dhinn air chall.

Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan