Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 30:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug iad dha mìr de mheall fhìgean, agus dà bhagaid de fhìon-dhearcan tiormaichte; agus nuair a dh’ith e thàinig a spiorad a‑rìs da ionnsaigh: oir cha d’ith e aran agus cha d’òl e uisge rè trì làithean agus trì oidhchean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Falbh, cruinnich ri chèile na h‑Iùdhaich uile a gheibhear ann an Susan, agus traisgibh air mo shon-sa, agus na ithibh agus na òlaibh rè trì làithean, a là no a dh’oidhche: traisgidh mise agus mo mhaighdeannan air an dòigh cheudna; agus an sin thèid mi a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, nì nach eil a rèir an lagha; agus mar sin ma bhàsaicheas mi, bàsaicheam.

Tha a sluagh uile ag osnaich; tha iad ag iarraidh arain; thug iad an nithean luachmhor airson lòin, a chumail beò an anama: feuch, O Thighearna, agus thoir fa‑near, mar tha mi air fàs suarach.

A‑nis dh’ullaich an Tighearna iasg mòr a‑chum Ionah a shlugadh suas; agus bha Ionah ann am broinn an èisg trì làithean agus trì oidhchean.

Ag ràdh, A thighearna, is cuimhne leinn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun dubhairt e, Eiridh mi an dèidh trì làithean.

Agus sgoilt Dia lag a bha ann an Lehi, agus thàinig uisge as; agus dh’òl e, agus thàinig a spiorad a‑rìs, agus dh’ath-bheothaicheadh e: uime sin thug e En‑hacore mar ainm air, a tha ann an Lehi gu ruig an là‑an‑diugh.

Ach cha chuala Ionatan nuair a chuir a athair an sluagh fo na mionnan: uime sin shìn e a‑mach bàrr na slaite a bha na làimh, agus thum e i ann an cìr mheala, agus chuir e a làmh gu a bheul, agus shoillsicheadh a shùilean.

Agus fhuair iad Eiphiteach anns a’ mhachair, agus thug iad e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thug iad dha aran, agus dh’ith e; agus thug iad air uisge òl;

Agus thubhairt Daibhidh ris, Cò leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach; agus dh’fhàg mo mhaighistir mi, do bhrìgh gu robh mi tinn o chionn trì làithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan