Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm an Tighearna a‑rìs air Samuel. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm, Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; till, laigh sìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e Beniàmin a bhràthair, mac a mhàthar, agus thubhairt e, An e seo ur bràthair as òige, mun do labhair sibh rium? Agus thubhairt e, Gu robh Dia gràsmhor dhut, a mhic.

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut?

Agus, feuch, thug iad da ionnsaigh duine air an robh a’ phairilis, na laighe air leabaidh: agus nuair a chunnaic Iosa an creideamh, thubhairt e ri fear na pairilis, Biodh deagh mhisneach agad, a mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.

Agus ruith e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thubhairt esan, Cha do ghairm mise ort: till, laigh sìos. Agus dh’fhalbh e agus laigh e sìos.

A‑nis cha b’aithne do Shamuel fhathast an Tighearna, agus cha d’fhoillsicheadh facal an Tighearna fhathast dha.

Agus thubhairt an duine ri Eli, Is mise esan a thàinig a‑mach as an armailt, agus theich mise an‑diugh as an armailt. Agus thubhairt esan, Ciod a thachair, a mhic?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan