Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun do ghairm an Tighearna air Samuel; agus fhreagair esan, Tha mi an seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.

Agus ruith e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thubhairt esan, Cha do ghairm mise ort: till, laigh sìos. Agus dh’fhalbh e agus laigh e sìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan