Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.
Gun tàinig daoine àraidh, o Shechem, o Shiloh, agus o Shamaria, ceithir-fichead fear, aig an robh am feusagan air am bearradh, an aodaichean air an reubadh, agus iad fhèin geàrrte, le tabhartasan agus tùis nan làimh gu an toirt gu taigh an Tighearna.
Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran-sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.
Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.
Agus fhritheil an leanabh Samuel don Tighearna, am fianais Eli: agus bha facal an Tighearna luachmhor anns na làithean sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann.
Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn.