Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.
Agus ghabh Iùdah agus Israel còmhnaidh gu tèarainte, gach fear fo a chrann-fìona, agus fo a chrann-fìge fhèin, o Dhan eadhon gu Beersèba, rè uile làithean Sholaimh.
Agus thog mi suas cuid de ur mic airson fhàidhean, agus de ur n‑òganaich airson Nàsarach. Nach ann mar seo a tha e, O chlann Israeil? deir an Tighearna.
An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.
Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.