Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh anns an àm sin, nuair a bha Eli na laighe na àite: (agus thòisich a shùilean air fàilneachadh: cha b’urrainn e faicinn gu math;)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Isaac air fàs sean, agus a bha a shùilean dall, air chor is nach faiceadh e, ghairm e air Esau a mhac a bu shine, agus thubhairt e ris, A mhic: agus thubhairt esan ris, Feuch, tha mi an seo.

Agus bha sùilean Israeil trom le aois, air chor is nach bu lèir dha gu math: agus thug e am fagas dha iad, agus phòg e iad, agus ghabh e na ghlacan iad.

Agus dhiùlt a athair, agus thubhairt e, Tha fhios agam, a mhic, tha fhios agam; bidh esan cuideachd na shluagh, agus fàsaidh e mar an ceudna mòr: ach gu deimhinn bidh a bhràthair as òige nas mò na e, agus bidh a shliochd nam mòran chinneach.

Agus rinn bean Ierobòaim mar sin, agus dh’èirich i, agus chaidh i do Shiloh, agus thàinig i gu taigh Ahiah: ach cha b’urrainn Ahiah nì fhaicinn, oir dhorchaicheadh a shùilean le aois.

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Anns an là anns an criothnaich luchd-gleidhidh an taighe, agus an crom na daoine làidir iad fhèin, agus an sguir an luchd-bleith, a chionn gu bheil iad tearc, agus an dorchaichear an dream a sheallas a‑mach air na h‑uinneagan;

A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail.

A‑nis bha Eli ochd-bliadhna-deug agus ceithir-fichead a dh’aois; agus bha a shùilean mall, air chor is nach faiceadh e gu math.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan