Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh.
Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.
Guma beannaichte an Tighearna, a thug suaimhneas da shluagh Israel, a rèir nan uile nithean a labhair e: cha do thuit aon fhacal gu làr de a bhriathran matha uile, a labhair e le làimh Mhaois, a òglach fhèin.
Biodh fhios agaibh a‑nis, nach tuit lide de fhacal an Tighearna gu làr, a labhair an Tighearna mu thaigh Ahaib; oir rinn an Tighearna an nì sin a labhair e le làimh a sheirbhisich Eliah.
B’e seo facal an Tighearna, a labhair e ri Iehu, ag ràdh, Suidhidh do mhic air rìgh-chathair Israeil, gu ruig an ceathramh ginealach. Agus bha e mar sin.
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon uile bhriathran an leabhair a leugh rìgh Iùdah:
Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.
A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:
Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.
Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)
Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh-ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.
Nuair a labhras fàidh ann an ainm an Tighearna, mura tachair an nì, agus mura tig e gu crìch, is e sin an nì nach do labhair an Tighearna; gu h‑an‑dàna labhair am fàidh e: cha bhi eagal ort roimhe.
Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.
An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.
Agus chaidh Daibhidh a‑mach gach taobh a chuir Saul e, agus ghiùlain e e fhèin gu glic: agus chuir Saul e os cionn nam fear-cogaidh; agus bha e taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile, agus mar an ceudna ann an sùilean seirbhisich Shauil.
Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.
Agus thubhairt esan ris, Feuch a‑nis, tha duine le Dia anns a’ bhaile seo, agus is duine urramach e; thig gach nì a their e gu cinnteach gu crìch: a‑nis matà rachamaid an sin; theagamh gun innis e dhuinn ar slighe air an còir dhuinn gluasad.