Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e.
Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?
An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach math ma bhios sìth agus fìrinn ann am làithean-sa?
Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.
Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.
An sin chuir an rìgh Sedeciah fios, agus thug e Ieremiah am fàidh da ionnsaigh gus an treas dol-a‑steach a tha ann an taigh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ri Ieremiah, Feòraichidh mi nì àraidh dhìot; na ceil a’ bheag orm.
Agus thubhairt Ieremiah am fàidh riu, Chuala mi; feuch, nì mise ùrnaigh ris an Tighearna ur Dia a rèir ur briathran; agus tàrlaidh, ge bè freagradh a bheir an Tighearna dhuibh, gun innis mise dhuibh e: cha chùm mi nì sam bith air ais uaibh.
An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.
Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan-sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh.