Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Ciod an nì a chaidh a ràdh riut? Na ceil ormsa e, guidheam ort: gun dèanadh Dia mar sin riut, agus tuilleadh mar an ceudna, ma cheileas tu nì air bith orm, de gach nì a chaidh a ràdh riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Na ceil orm, guidheam ort, an nì a dh’fheòraicheas mi dhìot. Agus thubhairt a’ bhean, Labhradh a‑nis mo thighearna an rìgh.

Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.

Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha.

Mar sin gun dèanadh Dia ri Abner, agus tuilleadh mar an ceudna, mar a mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh, mura dèan mise eadhon mar sin ris-san;

Agus thubhairt an rìgh ris, Cia lìon uair a mhionnaicheas mi thu, nach innis thu dhomh ach an fhìrinn ann an ainm an Tighearna?

An sin thubhairt e, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma sheasas ceann Elisa mhic Shaphait air an‑diugh.

Buaileadh am fìrean mi, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean.

An sin chuir an rìgh Sedeciah fios, agus thug e Ieremiah am fàidh da ionnsaigh gus an treas dol-a‑steach a tha ann an taigh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh ri Ieremiah, Feòraichidh mi nì àraidh dhìot; na ceil a’ bheag orm.

Agus thubhairt Ieremiah am fàidh riu, Chuala mi; feuch, nì mise ùrnaigh ris an Tighearna ur Dia a rèir ur briathran; agus tàrlaidh, ge bè freagradh a bheir an Tighearna dhuibh, gun innis mise dhuibh e: cha chùm mi nì sam bith air ais uaibh.

An sin bha Daniel (dom b’ainm Beltesasar) air a lìonadh le uamhann car aon uaire, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh: labhair an rìgh, agus thubhairt e, A Bheltesasair, na dèanadh am bruadar no a bhrìgh do bhuaireadh. Fhreagair Beltesasar, agus thubhairt e, Mo thighearna, biodh am bruadar dhaibhsan lem fuathach thu, agus a bhrìgh dod naimhdean.

A bheil taigh Iàcoib ag ràdh, A bheil Spiorad an Tighearna air a chumhangachadh? An iad seo a ghnìomharan? Nach eil mo bhriathran-sa a’ dèanamh maith don neach a ghluaiseas gu h‑ionraic?

Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, feuch, sheas e làimh ra ìobairt-loisgte, agus ceannardan Mhòaib maille ris. Agus thubhairt Balac ris, Ciod a labhair an Tighearna?

Ach dh’fhan Iosa na thosd. Agus fhreagair an t‑àrd-shagart agus thubhairt e ris, Tha mi gad mhionnachadh air an Dia bheò gun innseadh tu dhuinn an tu Crìosd, Mac Dhè.

Far am faigh thusa bàs, gheibh mise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gun dèanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma chuireas ach am bàs dealachadh eadar mise agus thusa.

Agus thubhairt Saul, Gun dèanadh Dia mar sin, agus tuilleadh mar an ceudna, oir gu cinnteach gheibh thu bàs, a Ionatain.

Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.

Gun dèanadh Dia mar sin ri naimhdean Dhaibhidh, agus tuilleadh mar an ceudna, ma dh’fhàgas mise dhiubhsan uile a tha aige gu ruig a’ mhadainn, aon air bith a nì uisge ri balla.

An sin ghairm Eli air Samuel, agus thubhairt e, A Shamueil, a mhic. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan