Agus dh’fhoillsicheadh le Tighearna nan sluagh nam chluasan, Gu deimhinn cha ghlanar an aingidheachd seo air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.
An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.
Air an adhbhar sin, na guidh thusa airson an t‑sluaigh seo, cha mhò a chuireas tu suas glaodh no athchuinge as an leth, cha mhò a nì thu eadar-ghuidhe riumsa; oir chan èisd mise riut.
Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort.
Mar seo dealaichidh sibh clann Israeil on neòghlaine, a‑chum is nach bàsaich iad nan neòghlaine, nuair a thruailleas iad mo phàillean-sa a tha nam measg.
Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh.