Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus cha do chuir a athair doilgheas air uair sam bith, ag ràdh, Carson a rinn thu mar seo? Agus bha esan mar an ceudna ro‑mhaiseach na dhealbh; agus rugadh e an dèidh Absaloim.

Thubhairt an rìgh cuideachd ri Simei, Is aithne dhut fhèin gach uile olc air am fiosrach do chridhe, a rinn thu air Daibhidh m’athair-sa: uime sin thill an Tighearna d’olc air do cheann fhèin:

O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean.

Smachdaich do mhac am feadh a tha dòchas da thaobh, agus na caomhnadh d’anam airson a ghearain.

Bheir an t‑slat agus achmhasan gliocas uapa; ach cuiridh an leanabh a dh’fhàgar dha fhèin nàire air a mhàthair.

Oir tha fhios aig do chridhe gur minig a mhallaich thu fhèin daoine eile mar an ceudna.

Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh.

A‑nis thàinig crìoch ort, agus cuiridh mise mo chorraich ort, agus bheir mi breith ort a rèir do shlighe, agus dìolaidh mi riut d’uile ghràinealachdan.

Dùisgeadh na cinnich, agus thigeadh iad a‑nìos gu gleann Iehosaphait: oir an sin suidhidh mise gu breith a thoirt air na cinnich uile mun cuairt.

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel.

Ma bhios aig duine mac reasgach agus ceannairceach, nach gèill do ghuth a athar, no do ghuth a mhàthar, agus nuair a smachdaicheas iad e, nach èisd riu:

Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.

A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna.

Uime sin bha peacadh nan òganach ro‑mhòr am fianais an Tighearna; oir rinn daoine tarcais air ìobairt an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan