Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Feuch, tha mi a’ tabhairt uilc air Ierusalem agus Iùdah, a bheir air gach neach a chluinneas e gum bi gaoir na dhà chluais.
On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn.
Air an adhbhar sin, feuch, thèid mise air m’aghaidh a dhèanamh iongantais am measg an t‑sluaigh seo, iongantas agus iongantas; ionnas gun tèid gliocas an daoine glice am mugha, agus tuigse an daoine tuigseach as an t‑sealladh.
Agus their thu, Eisdibh-se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan.
Feuchaibh, a luchd-tarcais, agus gabhaibh iongantas, agus rachadh as dhuibh: oir obraichidh mise obair nur làithean-se, obair nach creid sibh idir, ged a chuireadh duine an cèill dhuibh e.
Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn.
Agus chog na Philistich; agus bhuaileadh Israeil, agus theich gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha: agus bha àr ro‑mhòr ann; oir thuit de Israel deich-mìle-fichead coisiche.