Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach?

Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Feuch, nì mi nì ann an Israel, a nì gaoir ann an dà chluais gach neach a chluinneas e.

Agus laigh Samuel gu madainn, agus dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innse do Eli.

Agus thaisbeineadh an Tighearna a‑rìs ann an Siloh; oir dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Shamuel ann an Siloh, le facal an Tighearna.

Agus ghairm an Tighearna fhathast air Samuel an treas uair. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thuig Eli gum b’e an Tighearna a ghairm air an leanabh.

Uime sin thubhairt Eli ri Samuel, Falbh, laigh sìos; agus ma ghairmeas e ort, an sin their thu, Labhair, a Thighearna, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. Agus dh’fhalbh Samuel, agus laigh e sìos na àite fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan