Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhritheil an leanabh Samuel don Tighearna, am fianais Eli: agus bha facal an Tighearna luachmhor anns na làithean sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ar comharraidhean chan fhaic sinn; chan eil fàidh ann nas mò, agus chan eil neach nar measg aig a bheil fhios cia fhad.

Far nach eil taisbeanadh, thèid an sluagh a dhìth; ach an tì a choimheadas an lagh, is sona esan.

Nì mi duine nas luachmhoire na òr grinn; seadh duine na fìor òr na h‑Ophir.

Thig urchuid air urchuid, agus tuairisgeul air thuairisgeul; an sin iarraidh iad sealladh on fhàidh: ach eugaidh an lagh on t‑sagart, agus comhairle o na seanairean.

Agus dh’imich Elcanah gu Ramah da thaigh; agus fhritheil an leanabh don Tighearna am fianais Eli, an sagart.

Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach.

Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth.

Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain.

Agus laigh Samuel gu madainn, agus dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innse do Eli.

Agus thaisbeineadh an Tighearna a‑rìs ann an Siloh; oir dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Shamuel ann an Siloh, le facal an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan