1 Samuel 29:3Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh? Faic an caibideil |
Agus chaidh cuid de Mhanaseh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann-ne thèid e thairis a dh’ionnsaigh Shauil a thighearna.
An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean-sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach.