Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt a’ bhean ris, Feuch, tha fhios agad ciod a rinn Saul, cionnas a gheàrr e as iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr: carson, matà, a tha thu a’ leagadh ribe airson m’anama, a‑chum mo chur gu bàs?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

No dhèanainn eucoir an aghaidh m’anama fhèin: oir chan eil nì air bith am falach air an rìgh, agus sheasadh tusa fhèin am aghaidh.

Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh.

Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.

Agus mhionnaich Saul dhi air an Tighearna, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna, cha tachair olc sam bith dhut airson an nì seo.

A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan