Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Sheall iad, agus cha robh fear-saoraidh ann; eadhon a dh’ionnsaigh an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.

Ar comharraidhean chan fhaic sinn; chan eil fàidh ann nas mò, agus chan eil neach nar measg aig a bheil fhios cia fhad.

Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh.

Agus cuiridh tu ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh.

Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe.

Am fàidh aig a bheil aisling, innseadh e a aisling; ach esan aig a bheil m’fhacal-sa, labhradh e m’fhacal gu dìleas: ciod e am moll don chruithneachd? deir an Tighearna.

Tha a geatachan air dol sìos anns an talamh; mhill agus bhris e a croinn-dhruididh; tha a rìghrean agus a h‑uachdarain am measg nan cinneach; an lagh chan eil ann; aig a fàidhean fòs chan eil sealladh air bith on Tighearna.

Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean:

Agus chuir e an t‑uchd-èideadh air; agus chuir e anns an uchd-èideadh an Urim agus an Tumim.

An sin bidh nàire air na fiosraichean, agus amhluadh air na fàidhean; seadh, còmhdaichidh iad uile am beul, oir chan eil freagradh air bith o Dhia.

Agus thubhairt e, Eisdibh a‑nis rim bhriathran-sa: Ma tha fàidh nur measg, nì mise an Tighearna mi fhèin aithnichte dha ann an taisbeanadh, agus labhraidh mi ris ann am bruadar.

Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal-san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile.

Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.

Ach tha fhios againn nach èisd Dia ri peacaich: ach ma tha neach air bith na fhear-adhraidh do Dhia, agus a’ dèanamh a thoile, ris-san èisdidh e.

Agus mu Lèbhi thubhairt e, Biodh do Thumin agus d’Urim aig d’aon naomh, a dhearbh thu aig Masah, ris an do rinn thu strì aig uisgeachan Mheribah;

Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana-miannan.

Agus dh’iarr Saul comhairle air Dia, An tèid mi sìos an dèidh nam Philisteach? An toir thu thairis iad do làimh Israeil? Ach cha do fhreagair e e air an là sin.

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Carson a chuir thu dragh orm lem thoirt a‑nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh am aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus chan eil e a’ toirt freagraidh dhomh nas mò, aon chuid le fàidhean no le aislingean: uime sin ghairm mi ortsa gu fios a thoirt dhomh ciod a nì mi.

Agus nuair a chunnaic Saul feachd nam Philisteach, bha eagal air, agus chriothnaich a chridhe gu mòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan