Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic Saul feachd nam Philisteach, bha eagal air, agus chriothnaich a chridhe gu mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear-millidh air.

Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e.

Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!

An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean.

Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.

An sin chaochail gnùis an rìgh, agus rinn a smuaintean a bhuaireadh, air chor is gu robh uilt a leasraidh air am fuasgladh, agus bhuail a ghlùinean an aghaidh a chèile.

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile, agus thàinig iad agus champaich iad ann an Sunem: agus chruinnich Saul Israel uile an ceann a chèile, agus champaich iad ann an Gilbòa.

Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan