An sin air ball thuit Saul sìnte air an talamh, agus bha e fo eagal ro‑mhòr airson briathran Shamueil, agus cha robh neart air bith ann; oir cha d’ith e aran rè an là no rè na h‑oidhche sin.
Ach anns a’ mhadainn, nuair a chaidh am fìon à Nàbel, agus a dh’innis a bhean dha na nithean sin, bhàsaich a chridhe an taobh a‑staigh dheth, agus bha e mar chloich.
Agus bheir an Tighearna mar an ceudna Israel maille riutsa thairis do làimh nam Philisteach: agus a‑màireach bidh tusa agus do mhic maille riumsa: bheir an Tighearna mar an ceudna feachd Israeil thairis do làimh nam Philisteach.
Agus thàinig a’ bhean a dh’ionnsaigh Shauil, agus chunnaic i gu robh e fo uamhann mòr, agus thubhairt i ris, Feuch, thug do bhanoglach gèill dod ghuth, agus chuir mi m’anam am làimh, agus dh’èisd mi rid bhriathran a labhair thu rium: