Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Gu deimhinn bidh fhios agad ciod a nì do sheirbhiseach. Agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Uime sin nì mi fear-gleidhidh mo chinn dhìot gu bràth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.

Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth.

Agus uime sin thug mi seachad gu saor e don Tighearna: rè uile làithean a bheatha thugadh seachad e don Tighearna. Agus rinn e adhradh don Tighearna an sin.

Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.

Agus chaidh tighearnan nam Philisteach air an aghaidh nan ceudan agus nam mìltean: ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine air an aghaidh air dheireadh maille ri Achis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan