1 Samuel 28:15Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Samuel ri Saul, Carson a chuir thu dragh orm lem thoirt a‑nìos? Agus fhreagair Saul, Tha mi ann an teanntachd mhòir; oir tha na Philistich a’ cogadh am aghaidh, agus dhealaich Dia rium, agus chan eil e a’ toirt freagraidh dhomh nas mò, aon chuid le fàidhean no le aislingean: uime sin ghairm mi ortsa gu fios a thoirt dhomh ciod a nì mi. Faic an caibideil |
Agus chuir Saul e fhèin ann an riochd eile, agus chuir e air aodach eile agus dh’imich e, agus dithis dhaoine maille ris, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh na mnà anns an oidhche; agus thubhairt e, Dèan fiosachd dhòmhsa, guidheam ort, leis an leannan-shìdh, agus tog suas dhomh esan a dh’ainmicheas mi dhut.