Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e rithe, Ciod e a choslas? Agus thubhairt ise, Tha seann duine air teachd a‑nìos, agus e còmhdaichte le fallaing. Agus dh’aithnich Saul gum b’e Samuel a bha ann, agus chrom e e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing-dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara-cuing-deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air.

Agus thubhairt e riu, Ciod e coslas an duine a thàinig a‑nìos nur coinneamh, agus a labhair ribh na briathran sin?

Agus ghabh Eliah a fhallaing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus roinneadh iad a‑null agus a‑nall; agus chaidh iadsan nan dithis thairis air talamh tioram.

Agus nuair a thionndaidh Samuel mun cuairt gu falbh, rug e air oir a fhallainge, agus reubadh i.

Agus dh’èirich Daibhidh suas an dèidh sin, agus chaidh e a‑mach as an uaimh, agus ghlaodh e an dèidh Shauil, ag ràdh, Mo thighearna, a rìgh. Agus nuair a dh’amhairc Saul na dhèidh, chrom Daibhidh e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd.

Agus thubhairt an rìgh rithe, Na biodh eagal ort: oir ciod a chunnaic thu? Agus thubhairt a’ bhean ri Saul, Chunnaic mi diathan a’ teachd a‑nìos as an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan