Agus thubhairt an rìgh rithe, Na biodh eagal ort: oir ciod a chunnaic thu? Agus thubhairt a’ bhean ri Saul, Chunnaic mi diathan a’ teachd a‑nìos as an talamh.
Agus thubhairt e rithe, Ciod e a choslas? Agus thubhairt ise, Tha seann duine air teachd a‑nìos, agus e còmhdaichte le fallaing. Agus dh’aithnich Saul gum b’e Samuel a bha ann, agus chrom e e fhèin air a aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus rinn e ùmhlachd dha.