Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic a’ bhean Samuel, ghlaodh i le guth àrd; agus labhair a’ bhean ri Saul, ag ràdh, Carson a mheall thu mi, oir is tu Saul?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus anns a’ mhadainn, feuch, b’i Lèah a bha ann; agus thubhairt e ri Làban, Ciod e seo a rinn thu orm? Nach ann airson Racheil a rinn mi seirbhis dhut? Agus carson a mheall thu mi?

Agus thubhairt an Tighearna ri Ahiah, Feuch, tha bean Ierobòaim a’ teachd a dh’iarraidh nì ort a‑thaobh a mic, oir tha e gu tinn: mar seo agus mar seo labhraidh tu rithe; oir tàrlaidh, nuair a thig i a‑steach, gun gabh i oirre fhèin gur bean eile i.

An sin thubhairt a’ bhean, Cò a thogas mi a‑nìos dhut? Agus thubhairt esan, Tog a‑nìos dhomh Samuel.

Agus thubhairt an rìgh rithe, Na biodh eagal ort: oir ciod a chunnaic thu? Agus thubhairt a’ bhean ri Saul, Chunnaic mi diathan a’ teachd a‑nìos as an talamh.

A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan