Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 28:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns na làithean sin chruinnich na Philistich an armailtean an ceann a chèile a‑chum cogaidh, a chur catha ri Israel: agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Biodh fhios gu cinnteach agad gun tèid thu a‑mach maille riumsa a‑chum catha, thu fhèin agus do dhaoine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.

A‑nis chruinnich na Philistich an slòigh an ceann a chèile gu cath, agus chruinnicheadh iad aig Sochoh, a bhuineas do Iùdah; agus champaich iad eadar Sochoh agus Asecah, ann an Ephes-damim.

Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail dheth: uime sin bidh e na sheirbhiseach agamsa gu bràth.

A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.

Agus chuala na Philistich gu robh clann Israeil air cruinneachadh an ceann a chèile gu Mispeh, agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas an aghaidh Israeil; agus nuair a chuala clann Israeil e, bha eagal orra ro na Philistich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan