1 Samuel 27:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit. Faic an caibideil |
Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh.
An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean-sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach.