1 Samuel 27:6Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thug Achis dha Siclag air an là sin: uime sin buinidh Siclag do rìghrean Iùdah gus an là‑an‑diugh. Faic an caibideil |
Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?