Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sia ceud fear a thàinig na dhèidh o Ghat, thairis ron rìgh.
An sin thubhairt Saul, Pheacaich mi: till, a mhic, a Dhaibhidh, oir cha dèan mi cron ort tuilleadh, a chionn gu robh m’anam luachmhor ad shùilean an‑diugh: feuch, rinn mi gu h‑amaideach, agus chaidh mi air seachran gu ro‑mhòr.
Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh maille ri Achis ann an Gat, e fhèin agus a dhaoine, gach fear le a theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan-Iesreeleach, agus Abigail a’ bhan-Charmeleach, bean Nàbeil.
Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, thugar dhomh àit ann am baile-eigin anns an dùthaich, a‑chum gun gabh mi còmhnaidh an sin: oir carson a ghabhadh do sheirbhiseach còmhnaidh anns a’ bhaile rìoghail maille riutsa?