A‑nis is iad seo iadsan a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Siclag, nuair a bha e fhathast ga chumail fhèin a‑staigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, nan luchd-cuideachaidh anns a’ chogadh.
Agus thubhairt seirbhisich Achis ris, Nach e seo Daibhidh, rìgh na tìre? Nach ann ma thimcheall-san a chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean?
Agus thubhairt Daibhidh ra dhaoine, Cuiribh gach duine a chlaidheamh air. Agus chuir gach duine dhiubh a chlaidheamh air: agus chuir Daibhidh mar an ceudna a chlaidheamh air: agus chaidh suas an dèidh Dhaibhidh mu thimcheall ceithir cheud fear, agus dh’fhan dà cheud maille ris an àirneis.
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.
Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh.