Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 27:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Achis, Càit an do bhris sibh a‑steach an‑diugh? Agus thubhairt Daibhidh, Air an taobh deas de Iùdah, agus air an taobh deas de na Ierahmeelich, agus air an taobh deas de na Cenich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, An tusa fhèin mo mhac Esau? Agus thubhairt esan, Is mi.

Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem.

Agus b’iad mic Ierahmeeil, ciad-ghin Hesroin, Ram an ciad-ghin, agus Bunah, agus Oren, agus Osem, agus Ahiah.

Agus mic Hesroin, a rugadh dha: Ierahmeel, agus Ram, agus Chelubai.

Is fuath leam agus is oillteil leam breug, ach is toigh leam do lagh-sa.

Cuir uam slighe nam breug, agus gu gràsmhor deònaich dhomh do lagh.

Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.

Agus dh’amhairc e air na Cenich; agus thubhairt e, Is làidir d’àite-còmhnaidh, agus tha thu a’ cur do nid ann an carraig:

Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile.

Agus chaidh clann a’ Chenich, athair-cèile Mhaois, suas à baile nan craobh-pailme, maille ri cloinn Iùdah, do fhàsach Iùdah, a tha air an taobh mu dheas de Arad; agus chaidh iad agus ghabh iad còmhnaidh am measg an t‑sluaigh.

A‑nis sgar Heber an Ceneach, a bha de chloinn Hobaib, athair-cèile Mhaois, e fhèin o na Cenich, agus shuidhich e a bhùth gu ruig còmhnard Shanaim, a tha làimh ri Cedes.

Beannaichte os cionn bhan bidh Iael bean Hebeir, an Ceneach; beannaichte bidh i os cionn bhan anns a’ bhùth.

Agus thubhairt Saul ris na Cenich, Falbhaibh, imichibh à seo, rachaibh sìos o mheasg nan Amaleceach, air eagal gun sgrios mi sibh maille riu: oir nochd sibhse coibhneas do chloinn Israeil uile nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit. Uime sin dh’imich na Cenich o mheasg nan Amaleceach.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite.

Ach thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Shauil, ag ràdh, Dèan cabhag agus thig; oir bhris na Philistich a‑steach air an tìr.

Agus fear no bean cha do leig Daibhidh as beò, a thoirt sgeula gu Gat, ag ràdh, Air eagal gun innseadh iad oirnn, ag ràdh, Mar seo rinn Daibhidh. Agus mar seo bha a sheòl rè na h‑aimsir a dh’fhan e ann an dùthaich nam Philisteach.

Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann ad sheirbhiseach on chiad là a bha mi maille riut gu ruig an là‑an‑diugh, nach faod mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearna, an rìgh?

Agus dhaibhsan a bha ann an Rachal, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ierahmeeleach, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ceneach,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan