1 Samuel 27:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Daibhidh na chridhe, A‑nis tuitidh mi là‑eigin an làimh Shauil: chan eil nì air bith as fheàrr dhomh na mi a dhol as gu luath do dhùthaich nam Philisteach, a‑chum gun leig Saul dheth mise iarraidh nas mò ann an crìch air bith de Israeil, agus gun tèid mi as o a làimh. Faic an caibideil |
Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.
A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.
An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh?