Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 26:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin thàinig Daibhidh agus Abisai a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh anns an oidhche; agus, feuch, laigh Saul na chadal an taobh a‑staigh den chlais-bhlàir, agus a shleagh sàthte anns an talamh aig a cheann-adhairt: ach laigh Abner agus an sluagh mun cuairt air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

A‑nis thugadh àithne dhut; dèanaibh-se mar seo: thugaibh leibh à tìr na h‑Eiphit carbadan airson ur cloinne bige, agus ur ban, agus thugaibh ur n‑athair leibh, agus thigibh.

Agus dh’èirich Daibhidh gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear-gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e don chlais-bhlàir nuair a bha an armailt a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a‑chum a’ chatha:

An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.

An sin thubhairt Abisai ri Daibhidh, Thug Dia thairis do nàmhaid an‑diugh dod làimh: a‑nis uime sin, leig leam a bhualadh, guidheam ort, leis an t‑sleagh a dh’ionnsaigh na talmhainn aon uair, agus cha bhuail mi e an dara uair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan