1 Samuel 26:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ìocadh an Tighearna do gach neach a rèir a ionracais agus a fhìreantachd: oir thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh-sa, ach cha b’àill leam mo làmh a shìneadh a‑mach an aghaidh aon ungte an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus faic, O athair, eadhon faic iomall d’fhallainge am làimh: do bhrìgh nuair a gheàrr mi air falbh iomall d’fhallainge nach do mharbh mi thu, biodh fhios agad agus faic nach eil aon chuid olc no easaontas am làimh, agus nach do pheacaich mi ad aghaidh; gidheadh tha thu a’ sealg air m’anam, a‑chum a ghlacadh.